Wikiversity
Contents
'S e an t-astar bheartagail, mar as àbhaist eadar ìre na mara agus àite sam bi fon ghrèin mar chnoc no beinn, a th' ann an àirde. Cleachdar figearan ann am meatairean - leis an samhla m - agus an giorrachadh s. n. m., - airson na h-àirde a sgrìobhadh.[1] Ann an cruinne-eòlas, 's e an t-astar bheartagail eadar àite fa leth air an talamh an taca ris a' Mhuir - air a bheil àrdachadh os cionn ìre mheadhanach na mara - a th' ann an àirde. A dh'aindeoin sin, tha diofar bheag ann eadar àirde agus àirdead: bidh sin a' meudachadh an astair bheartagail eadar dà àite air an talamh; agus ìre-itealaidh,[2] 's e an àirde a rèir a' bhrùthadh stannardach a leughar air an inneall-àirde, a tha eadar còrr is 20,000 troigh os cionn ìre mheadhannach na mara.
Anns a' mhòr-chuid na Roinn-Eòrpa, Aimearaga-Laideannach, agus àiteachan eile an t-Saoghail 's ann ann am meatairean am bhithear a' meudachadh na h-àirde.[3] 'S e na troighean a chleachdar mar as àbhaist anns Na Stàitean Aonaichte, ged a tha an dùthaich sin ag atharrachadh mean air mhean do Shiostam Eadar-nàiseanta nan Tomhasan. Ann an itealanachd, thathar fhathast a' cleachdadh nan troighean ach anns na dùthchannan a bha nam buill a' Cho-aontaidh Warszawa, far a bheil nam meatairean gan cleachdan is na clàir an an sgrìobhadh ann am meatairean. Anns a' ghnàth-shìde bidh an àirde a' toirt buaidh uabhasach fhèin làidir air teodhachd na sgìre.[4]
Ceanglaichean A-muigh
Iomraidhean
- ↑ Fundeu
- ↑ Dieter Franzen - Kompaktlernprogramm zur Vorbereitung auf die Flugfunksprechprüfung AZF, 1991
- ↑ Bureau Internationas de Poids et Mesures
- ↑ TULER, Marcelo, Fundamentos de Topografia: Série Tekne, Porto Alegre, Bookman, 2014
.