LIMSwiki
Contents
'S iad cànanan Innd-Eòrpach a tha ann an cànanan Slàbhach. Thathar gan roinn air trì buidhnean: Cànanan Slàbhach an Iar, Cànanan Slàbhach an Ear agus Cànanan Slàbhach a Deas. Thathar gam bruidhinn san Roinn-Eòrpa an Ear agus ann an Àisia an Ear-thuath. Tha mu 290 muillean daoine gam bruidhinn. Tha cuid aca a' cleachdadh caochlaidhean den aibidil Cirillich agus an cuid eile caochlaidhean den aibidil Ròmanaich.
Daoine a' bruidhinn cànanan Slàbhach
- Cànanan Slàbhach an Iar:
- Pòlais: 44 muillean
- Seacais: 12 muillean
- Slòbhacais: 6 muillean
- Sòrbais: 50,000
- Cànanan Slàbhach an Ear:
- Ruisis: 150 muillean
- Ucràinis: 40 muillean
- Bealaruisis: 6.7 muillean
- Cànanan Slàbhach a Deas:
- Sèirbis: 11.1 muillean
- Bulgàiris: 9 muillean
- Croatais: 6.2 muillean
- Slòbhainis: 2 muillean
- Masadonais: 1.4–2.5 muillean