Search for LIMS content across all our Wiki Knowledge Bases.
Type a search term to find related articles by LIMS subject matter experts gathered from the most trusted and dynamic collaboration tools in the laboratory informatics industry.
'S e prìomh-bhaileUsbagastàin a tha ann an Tashkent, (Cànan Usbagastàn: Toshkent, Тошкент, Ruisis: Ташкент). Anns a’ bhliadhna 2006 bha 2.1 millean duine (àireamh oifigeil) a' fuireach anns a' bhaile fhèin, ach canar gu bheil nas motha na 3 milllean daoine ann. Tha am baile suidhichte san àirde an iar de na beanntan Altai air an rathad eadar Chimkent agus Samarkhand. 'S e seo an co-chomharran aige: 41° 18’ Tuath agus 69° 16’ Ear. Dhealbhaich agus thog an t-ailtireViktor Shevchenko Muileann-clòtha an seo ann an 1937.
Fiach fhaicinn
Kukeldash Madrassa, Mosg a chaidh a thogail aig àm Abdullah Khan (1557-1598)
Chorsu Bazaar, faisg air Kukeldash Madrassa anns an seann bhaile Tashkent, 's e margadh cliùiteach a th' ann far an urainnear a h-uile ni a cheannachd.
Mosg Telyashayakh (Khast Imam Mosg). Tha am pìos as aosta den Churàn a tha ann air feadh an t-Saoghail ri fhaicinn an-seo. Chaidh an Churàn (Qur’ān, Arabais: القرآن al-qur'ān) a sgrìobhadh le Muhammad.
Yunus Khan Mausoleum, taigh-adhlacaidh às an 15mh linn
Palace of Prince Romanov, lùchairt às an 19mh linn, dh’fuirich Nikolai Konstantinovich (1850-1918) an seo.
Alisher Navoi Opera and Ballet Theatre, taigh-cluich far a bheil ballet agus opra Ruiseach ri fhaicinn.
Fine Arts Museum of Uzbekistan, taigh-tasgaidh
Museum of Applied Arts, taigh-tasgaidh le dealbhan às an 19mh linn agus às an 20mh linn
History Museum, an taigh-tasgaidh as motha ann an Tashkent, taisbeanadh mu eachdraidh na dùthcha
Amir Timur Museum, taigh-tasgaidh le gàradh cliùiteach.
Navoi Literary Museum , leabharlan le seann leabhraichean. Tha na leabhraichean a sgrìobh Alisher Navoi, an sgrìobhadair as ainmeile ann an Usbagastàn, rim faicinn an seo cuideachd.
Tha mòran oilthighean agus sgoiltean ann an Taschkent, m.e: