Knowledge Base Wiki

Search for LIMS content across all our Wiki Knowledge Bases.

Type a search term to find related articles by LIMS subject matter experts gathered from the most trusted and dynamic collaboration tools in the laboratory informatics industry.

Jan Hus
ollamh

Beatha
Breith Husinec, 1371
Dùthaich Rìoghachd Bohemia
Ìmpireachd Naomh na Ròimhe
Àite-fuirich Birth house of Jan Hus (en) Translate
Bàs Konstanz, 6 dhen Iuchar 1415
Àite-adhlacaidh Rhine (en) Translate
Nàdar a’ bhàis peanas bàis (death by burning (en) Translate)
Foghlam
Foghlam Oilthigh Theàrlaich ann am Pràg 1393) Baidealair nan Ealan
Cànain Laideann
Seacais
Luchd-teagaisg Stanislaus von Znaim (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd eadar-theangair, diadhair, neach-teagaisg oilthigh, sgrìobhadair, feallsanaiche, aoghaire, cànanaiche, neach-teagaisg, searmonaiche, preasbadair agus bohemicist (en) Translate
Fastaichean Oilthigh Theàrlaich ann am Pràg
Far-ainmean Paulus Constantius
Tèarmann
6 an t-Iuchar
Creideamh
Creideamh Pròstanachas
Latin Church (en) Translate

B' e sagart, ollamh, feallsanaiche, sgrìobhadair, cànanaiche agus pears'-eaglais à Bohemia a dh'fheuch ris an eaglais atharrachadh ron Ath-Leasachadh a bh' ann an Jan Hus (IPA: jan ˈɦus, Husinec, mu 1369Konstanz 6 an t-Iuchar 1415). Is esan a stèidhich an sgoil-diadhaireachd Husachd aig àm An Ath-Leasachaidh Sheacaich. Rugadh e ann am bochdainn ach thug e ceum aig Oilthigh Phràg ann an 1396,[1] agus chaidh òrdachadh na shagart ann an 1401.[2] Ann an 1403 chuir e Trialogus le John Wycliffe gu Seacais, nuair a bha e os cionn an oilthighe. Leasaich e aibidil Sheacais. Fhuair an Eaglais Chaitligeach dubh chàineadh às a chùbaid bho Hus. Chaidh Hus a chur gu bàs le ùghdarrasan Iarlachd-crìche Bhaden ann an Konstanz ann an 1415.[3] Thug na sgrìobh agus na rinn e buaidh mhòr air an feadhainn a lean e an ceann linn, mar Martin Luther, Jean Calvin, Huldrych Zwingli agus Iain Knox.[4] Aig aon àm b' e gu robh co-dhiù 90% nan daoine ann am Bohemia a' leantainn na beachdan aige fad dà cheud bliadhna.

Iomraidhean

  1. Reformation
  2. Christanity Today
  3. Husinec
  4. Musée Protestant