Knowledge Base Wiki

Search for LIMS content across all our Wiki Knowledge Bases.

Type a search term to find related articles by LIMS subject matter experts gathered from the most trusted and dynamic collaboration tools in the laboratory informatics industry.

Cuir ceanglaichean ris
Cailein T. MacCoinnich
Beatha
Breith Tarasaigh, 1917
Dùthaich Alba
Bàs 1994
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus eadar-theangair

Bha Cailein T. (Tormod) MacCoinnich (19171994) na mhinistear agus na sgrìobhadair Gàidhlig. Choisinn e Crùn na Bàrdachd aig An Comunn Gàidhealach ann an 1952.[1]

Beatha agus obair

Tarasaigh

Rugadh MacCoinnich ann an 1917.[1] 'S ann à Tarasaigh, Na Hearadh a bh' ann.

Sgrìobh e sgeulachdan, naidheachdan agus bàrdachd, le buaidh o bheul-aithris na chuid roisg agus bàrdachd. Sgrìobh e sgeulachdan air iomadh cuspair, ach thill e gu math tric do bheul-aithris, sci-fi agus cùisean os-nàdarra.

Rinn e eadar-theangachaidhean air bàrdachd Bhurns.


Rinn e ceum ann an Ealain agus Diadhachd ann an Oilthigh Chill Rìmhinn, a' ceumnachadh ann an 1944. 'S e ministear ann an Eaglais na h-Alba a bh' ann, an toiseach ann Togh Mòr, Uibhist a Deas (1947-55), Kilwinning Erskine (1955-75), Kirkhill (1975-82) agus Càirnis, Uibhist a Tuath (1982-85). An dèidh sin bha e na locum (ministear eadar-amail) ann an caochladh eaglaisean gus an do leig e a dhreuchd ann an da-rìreadh ann an 1991.

Leabhar-chlàr

Rosg

Seo liosta dhe na sgrìobhaidhean aig Cailean T. MacCoinnich:

  • MacCoinnich, Cailein T. (1956) 'An Sgathan', Gairm 18: cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.191-199.
  • MacCoinnich, Cailein T. (1959) 'Am Priosan Saile', Gairm 27: cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.117-122.
  • MacCoinnich, Cailein T. (1966) 'An Coigreach', Rosg nan Eilean: cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.63-65.
  • MacCoinnich, Cailein T. (1967) 'Crudha Eich', Gairm 59: cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.95-101.
  • MacCoinnich, Cailein T. (1969) Oirthir tìm Glaschu: Gairm, 1969
    • Sgeulachdan goirid
    • 'An t-Eilean': cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.155-160.
  • MacCoinnich, Cailein T. (1971) Mar sgeul a dh'innseas neach Glasgow W2 : Roinn nan Cànanan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu
    • 'An Tiodhlac Nollaig': cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.108-112.
    • 'Deireadh an t-Saoghail': cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacIomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.145-149.
  • MacCoinnich, Cailein T. (1971) A' leth eile Glaschu: Roinn nan Cànanan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu
    • nobhail
  • MacCoinnich, Cailein T. (1973) Nach Neònach Sin Glaschu: Roinn nan Cànanan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu
  • MacCoinnich, Cailein T. (1977-78) 'Aiseal a' Cheaird', Gairm 101 An Geamhradh 1977-78, 42-59.

Bàrdachd

  • ‘Mealladh’ ann an Iain A. MacDhòmhnaill (deas.) (1958) Crìochan Ùra : Trusadh de rosg is de Bhàrdachd o’n ràitheachan Gairm, air a chur ri chèile Glaschu: Gairm, d.27

Iomraidhean

  1. 1.0 1.1 Thomson, Derick (deas.) (1994) The Companion to Gaelic Scotland (Glaschu: Gairm), d.176

Tuilleadh Leughaidh

  • Meek, D. 1983. 'Ath-sgrùdadh: Cailean T. MacCoinnich', Gairm 123.
  • Black, R. An Tuil d.777-79.